
An t-Urr Murchadh A MacLeòid
Seirbheis còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt. Religious service conducted by Rev Murdo A MacLeod, Snizort Free Church Continuing.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 100: 1-2 air fonn Coleshill agus ‘s e Dòmhnall Iain MacSuain a tha os cionn na seinn agus Salm 70: 4-5 air fonn Torwood le Coinneach Caimbeul os cionn na seinn agus chaidh iad seo a chlà radh ann an Eaglais Shaor an Oib.
Salm 23: 5-6 air fonn Evan agus ‘s e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho Eaglais Shaor Shnìosoirt.
Leughadh: Genesis 6: 14-21 & 7: 1-10
Ceann-teagaisg: Eabhraidhich 11:7
Tha Mgr MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Bha Mgr MacLeòid roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an Oib sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Orasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pà irce, ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 30 Jan 2022 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Jan 2022 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Aug 2022 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Aug 2022 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal