
An Canan Aonghas MacCuithein
Seirbheis bho 1993 còmhla ris a' Chanan Aonghas MacCuithein, nach maireann. Gaelic service from 1993 conducted by the late Canon Angus MacQueen, St Barr's, Barra.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean a leanas:
Crann Ceusaidh na Nàire, O Chridhe Mhic Dhè, Laoidh Chaluim Chille agus Seinneamh don Tighearna air an seinn le Còisir Eaglais Naomh Barr.
Bhàsaich an Canan Aonghas MacCuithein air an 9mh latha den Ghearran 2019 aig 95 bliadhna a dh'aois. An Canan Aonghas MacCuithein – sagart, còcaire, sgeulaiche, eòlaiche air eachdraidh ‘s cultar agus aig cridhe a h-uile sian, sàr Ghàidheal. Bha Mgr. Aonghas a’ frithealadh paraistean ann an Sgìre Easbaig Earra-Ghàidheal ‘s nan Eilean airson còrr air 60 bliadhna gus an do leig e dheth uallach paraiste ann an 2011.
Rugadh Mgr. Aonghas ann am Baile Gharbhaidh san Iochdar an Uibhist a Deas san t-Samhain 1923. Bha ceathrar san teaghlach - a phiuthar Catriona agus a bhràithrean Dòmhnall Ailean, Dòmhnall Ailig agus e fhèin. Bha làn dhùil aig a phàrantan imrich a dhèanamh gu ruige Canada còmhla ris an fheadhainn a chaidh a null cuide ri Mgr. Iain Dhonnchaidh air a' Mharloch ach fhuair a mhàthair a-mach gun robh i a' giùlain leanabh agus b’ fheudar dhaibh na planaichean aca atharrachadh agus dh’fhuirich iad ann an Uibhist.
B’ ann aig aois 12 a cho-dhùin Mgr. Aonghas gun robh e airson, mar a thuirt e fhèin, “daoine fhàgail toilichte” agus airson sin a dhèanamh, gun robh e airson a dhol air adhart gu bhith na shagart. Mar shagart, bha e a’ frithealadh paraistean leithid Èirisgeidh, Bagh a’ Chaisteil, Morar, Gleann Comhainn, Eilean Bhòid, Bornais agus am Bagh a Tuath far an robh e na shagart mu dheireadh gu 2011.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 13 Feb 2022 21:00ѿý Radio nan Gàidheal