Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Gaelic religious service conducted by Rev Iain M MacDonald, Tarbert Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 63: 1-2 air fonn London New agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Salm 16: 1-2 air fonn Kilmarnock agus os cionn na seinn tha Calum Màrtainn le taic bho choitheanalan eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh

Salm 122: 7-8 air fonn New Cambridge le D M Fearghasdan os cionn na seinn agus Salm 24: 9-10 air fonn Kilmarnock le Dòmhnall Iain MacLeòid os cionn na seinn agus chaidh na sailm sin a chlàradh ann an Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Leughadh: Eòin 6: 24-40
Ceann-teagaisg: Eòin 6: 35

'S ann do sgìre Bheàrnaraigh a bhuineas Iain Murchadh Dòmhnallach agus chaidh e dhan sgoil san sgìre sin mus deach e a Steòrnabhagh son foghlam aig àrd-ìre ann an Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a' Chaisteil.

Rugadh agus thogadh Iain Murchadh air croit agus cha robh e na shrainnsear dhan obair chruaidh a bha ri dhèanamh air a' chroit. Bha obair pàirt-ùine aige còmhla ri Roinn na Tèarainteachd Shòisealta agus bha cosnadh cuideachd aige aig aon àm ann an Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.

Dh'atharraich beatha Iain Murdo ann an 1989 agus fhuair e eòlas air beatha a' Chrìosdaidh agus bho thàinig an t-atharrachadh sin na bheatha, bha e a' faireachdainn gum bu chòir dha ceumannan eile a ghabhail agus a dhol a dh'ionnsachadh a bhith na mhinistear. Ann an 1995 chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig Oilthigh Obar Dheathain. An dèidh trèanadh airson na ministrealachd, chuir e seachad mu bhliadhna gu leth aig Àrd-eaglais Steòrnabhaigh. Ann an 2001 fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Nis agus agus dh'fhuirich e an sin gus an do ghluais e gu coitheanal an Tairbeirt anns na Hearadh.

Tha Iain Murchadh pòsta aig Alison NicDhòmhnaill ( an nighean a b' òige aig an Urr Alasdair Dòmhnallach, Alasdair Mhurdaig, 's a bhean, Màiri ) agus tha triùir chloinne aca.

30 minutes

Last on

Sun 20 Mar 2022 15:00

Broadcasts

  • Sun 20 Mar 2022 09:00
  • Sun 20 Mar 2022 15:00