Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dòmhnall Iain Moireasdan, Soisgeulaiche

Còmhla ri Dòmhnall Iain Moireasdan, soisgeulaiche san Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhir Nis. Gaelic service with DJ Morrison, Free Church (Continuing) evangelist.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 50: 5-6 air fonn Walsall agus ‘s e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.

Salm 89: 1-2 air fonn St David agus ‘s e Murchadh Crisdean MacCoinnich a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.

Leughadh: Lùcas 18: 10-25
Ceann-teagaisg: Lùcas 18: 18

'S e Sgalpach a th' ann an Dòmhnall Iain agus mar a thuirt e fhèin, "rugadh agus thogadh mi san àite as brèagha de dh'Alba agus am pìos as fheàrr dha na Hearadh."

Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi, a tha às an Òlaind agus tha triùir chloinne aca.

Mus deach e gu Seamanaraidh na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh anns a' sgìre aige fhèin agus e air fhastadh aig Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta airson 5 bliadhna. Dh'fhàg e a dhreuchd ann an 2000 agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chuir e seachad 3 bliadhna.

Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988, às dèidh tubaist le càr far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an-dràsta na mhiseanaraidh dachaigh leis an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhir Nis agus mar phàirt dhan obair aige, bidh e siubhail gu diofar sgìrean ann an Alba agus air feadh an t-saoghail, a' toirt an t-soisgeil gu aire dhaoine. Gu math tric, 's ann a-muigh air an t-sràid a bhios e a' searmonachadh.

30 minutes

Last on

Sun 3 Apr 2022 15:00

Broadcasts

  • Sun 3 Apr 2022 09:00
  • Sun 3 Apr 2022 15:00