Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ainmean bheathaichean, àireamhan fèidh agus am beàrnan-Brìghde

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Lèirmheas air an taisbeanadh Bho Bheul An Eòin a tha ri fhaicinn ann an Ionad Grinneabhat, air taobh siar Leòdhais.

Tha am beàrnan-Brìghde gu math pailt aig an àm seo den bhliadhna agus a' mhòr-chuid againn airson caoidhteas fhaighinn dhen raoineag. Ach, mar a chluinneas sinn bho Chalina NicDhòmhnaill, tha an t-sìthean gu math feumail dhar slàinte.

Mun àm sa dhen bhliadhna, tha e duilich draibheadh tarsainn air a' mhòinteach sna h-eileanan gun tachairt ri fèidh an àiteigin ach iad a-nis a' fàs pailt timcheall nan taighean. Ach carson a tha iad a-nise cho pailt - agus dè ghabhas a dhèanamh mun dèidhinn? Ag innse dha Cathy mar a tha fèidh gan sàrachadh sna sgìrean aca fhèin tha Raghnall MacCoinnich 's Pàdruig Moireasdan agus a' bruidhinn air na riaghailtean, na trioblaidean, agus na freagairtean a tha comasach dhuinn, cluinnidh sinn bho Neen NicAoidh agus Iain MacÌomhair.

Agus tha Aideen Mitchison air turas a ghabhail gu taisbeanadh ealain Iain Lowrie Moireasdan air a bheil The Croft and the Lighthouse.

57 minutes

Last on

Sun 22 May 2022 12:00

Broadcast

  • Sun 22 May 2022 12:00