
30/06/22 le Cathy NicDhòmhnaill
Dè a' bhuaidh a tha cruth fiolm a' toirt air sgeulachd nobhail? What effect does a film adaptation have on a novel?
Eadar James Bond agus Harry Potter, 's iomadh fiolm a chaidh a dhèanamh stèidhte air leabhraichean soirbheachail mus deach na caractaran air beulaibh a' chamara. Ach dè a' bhuaidh a tha sin a' toirt air mar a tha sgeulachd ga innse agus ga chuimhneachadh am measg an t-sluaigh?
Tha planaichean air nochdadh gus cuairidh sglèat Eilean Luinn fhosgladh às ùr - ach dè cho comasach is a tha e taighean a thogail an-diugh le mullaich a th' air a dhol às an fhasan neo à cleachdadh? Cluinnidh Cathy bho Aonghas MacCuithein a th' air seann sglèat Gà idhealach a chleachdadh gus mullach a chuir air an taigh aige fhèin, Eòghan MacFhionghain a tha na shaor agus an t-ailtire Mà rtainn Mac a' Bhà illidh.
Innsidh Calina NicDhòmhnaill mar a thèid againn air dèiligeadh ri luibhean leithid lus an easbaig agus fliodh, neo chickweed, anns a' lios.
Agus beachd air taisbeanadh an fhir-ealain Jack Vettriano ann an Gailearaidhean Ealain Chair Chaladain, le Maureen Sheathach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 30 Jun 2022 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 30 Jun 2022 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal