
Marmalade, Catrìona Anna Nic a' Phì agus leabhraichean air film
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Cò as coireach gu bheil sinn an-diugh cho dèidheil air marmalade? Mar a chluinneas sinn bho Chalum Iain Bartlett ann an sreath air innleadairean Albannach, bha là mh aig na h-Albannaich anns a' ghnothaich. Agus ciamar a bhios sinn a' dèanamh agus a' gabhail marmalade neo silidh bho latha gu latha? Sin a' cheist a bhios aig Cathy do thriùir eile gus cagnadh a dhèanamh air!
Gheibh sinn a-mach mar a tha na meadhanan soisealta nan taic airson eachdraidh ionadail a sgaoileadh don mhòr-shluagh bho Thormod Macleòid agus Danny MacAoidh.
Agus 's i Cathy-Ann Nic a' Phì cèiliche na seachdain ann an còmhradh nas fhaide le Cathy.
Còig bliadhna thar fichead bho chaidh a' chiad nobhail Harry Potter fhoillseachadh le JK Rowling, tha Cathy a' bruidhinn ri Anna NicLeòid agus Eilidh Laing mun bhuaidh a thug na leabhraichean orra - agus a' faighneachd na bhrosnaich na leabhraichean iad gu barrachd leughaidh a dhèanamh nan òige.
Last on
More episodes
Broadcast
- Sun 3 Jul 2022 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal