
17/08/22 le Cathy NicDhòmhnaill
Dè an sabhs no an spìosradh nach dèan sibhse a' chùis às aonais? Which condiments can you not do without?
Tha an Dr Alasdair MacCoinnich a' leantainn air leis an t-sreath air ginntinneachd; an-diugh a' toirt geà rr-chunntas air ginntinneachd aoiseil. Agus bidh Calum Iain Bartlett a' taghadh eisimpleirean de dh'amannan nuair a chaidh rannsachadh ginntinneachd aoiseil a' chleachdadh.
A reir coltais tha gainnead mustard Dijon san Fhraing a' fà gail na Frangaich gu math diombach. Tha sin a' toirt oirnn faighneachd dè an sabhs no an spìosradh nach dèan sibhse às aonais?
Agus cluinnidh sinn an dà rna earrann den chòmhradh a bh' aig Cathy le Dòmhnall Grannd. Chuala sinn an t-seachdain a chaidh gun do rugadh Dòmhnall ann an Gleann Chomhann 's chaidh a thogail ann an Earra Ghà idheal airson greis mus deach e a Shlèiteadal. An t-seachdain seo cluinnidh sinn mu bheatha ann an Geà rrloch far an robh e còir is 30 bliadhna ag obair ann an coilltearachd 's e gu mòr an sàs ann an croitearachd agus farpaisean chon-chaorach. Agus mar a fhuair e duais airson a bhith fad leth-cheud bliadhna ag obair saor-thoileach le na maor-chladaich.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 17 Aug 2022 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 17 Aug 2022 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal