
31/08/22 le Cathy NicDhòmhnaill
Mar a chaidh do dhithis leis an dùbhlan a dhol fad seachdain a' cleachdadh airgead a-mhà in. How did our two challengers cope with going a whole week using cash only?
Tha aimhreit ann am Baghdad agus còrr air fichead duine air am beatha a chall an dèidh do fhear de phrìomh cheannardan Iraq, Moqtada al-Sadr, innse gu bheil e a' cur a chùl ri poilitigs. Bheir Iain Mac a' Phearsain dhuinn eachdraidh beatha Moqtada al-Sadr agus beachd air dè a th' air cùl a' cho-dhunaidh a rinn e.
Cluinnidh sinn mar a chaidh do dh'Anton Di Christina agus Alison NicRath leis an dùbhlan a chuir sinn romhpa - cairtean agus teicneòlas a sheachnadh agus airgead a-mhà in a cleachdadh fad seachdain.
Tha cèiliche na seachdain, Graham Cooper, air a dhreuchd mar lighiche a leigeil seachad is e a-nise air tionndadh gu sgrìobhadh. Cluinnidh sinn mar a ghabh e ùidh ann an obair-lannsa agus mu na h-à itichean san robh e ag obair thar nam bliadhnaichean, Beul Feirste agus Nepal nam measg.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 31 Aug 2022 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 31 Aug 2022 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal