
18/09/22 le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Nuair a phòs a' Bhanrigh Ealasaid ann an 1947, fhuair iad uimhir de thiodhlaicean bìdhe bho dhùthchannan a' Cho-fhlaitheis, 's gun deach bogsaichean bìdh a chur a-mach gu daoine. Cluinnidh sin bho te à Bail' Ailein ann a Leòdhas, a fhuair fear de na bogsaichean sin.
Innsidh Mairead Stiùbhart cò ris a tha e coltach a bhith a' seinn air an à rd-ùrlar aig prìomh thachartas.
Chaidh co-labhairt mhòr a chumail ann an Steòrnabhagh an t-seachdain a chaidh mu ghnìomhachas na feamad. Dimà irt, bha Cathy a' còmhradh ri fear ann a Leòdhas a bha ris an obair sin ann an sgìre nan Loch bho 1970 gu 1990.
Buinidh cèiliche na seachdain, Eanraig MacAonghais do Phort nan Long. Ged a tha e air a bhith ag obair ann an iomadh ceà rnaidh den t-saoghal, tha e an-diugh air a dhachaigh a dhèanamh ann a Steòrnabhagh, far am bheil e air a bhith gu mòr an sàs ann an spòrs air a bheil e gu math dèidheil, sin camanachd.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 18 Sep 2022 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 19 Sep 2022 20:55ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal