
An t-Urr. Pòl Moireach
Seirbheis còmhla ris an Urr. Pòl Moireach, Eaglais Shaor Cheann a' Loch. Gaelic service conducted by Rev. Paul Murray, Kinloch Free Church.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 145: 21-3 air fonn Evan agus 's e Fionnlagh MacRisnidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu
Salm 45: 2-3 air fonn Evan agus 's e Alasdair Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac
Salm 21: 5-6 air fonn Kilmarnock agus 's e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Partaig Highland
Leughadh: Marcus 15: 1-20
Ceann-teagaisg: Marcus 15: 17-18
'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhà gail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.
Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.
Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas don Òb sna Hearadh agus tha triùir a theaghlach aca. Nuair a gheibh e ùine dha fheìn, 's caomh le Pòl a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.
Last on
Broadcasts
- Sun 2 Oct 2022 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Oct 2022 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal