
cuide ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Cathy NicDhòmhnaill le a taghadh fhèin à prògraman Naoi gu Deich na seachdain.
Tha sinn a' faighinn beachd air an drà ma ùr, Maxine, a bha ri fhaicinn air Sianal 5. Tha e stèidhichte air sgeulachd Maxine Carr, murt Soham agus an cà irdeas a bha eadar i agus am fear a chaidh dhan phrìosan airson na thachair, Ian Huntley. Ach a bheil e ceart a bhith a' dèanamh drà ma à cùisean eucoir a thachair ga-rìreabh agus gu h-à raid 's dòcha mu Soham, far an deach dà nighean bheag a mharbhadh? Tha sinn a' faighinn beachd bho thriùir a bha ga choimhead.
Bho chionn cola-deug, chunnaic sinn fear ga chuir dhan phrìosan son murt Renee NicRath 's am balach beag aice, cha mhòr leth-cheud bliadhna an dèidh là imh. Dè na cùisean eucoir air nach d'fhuaireas riamh fuasgladh, as motha a ghlac ar h-aire fhèin? Tha sinn a' cluinntinn an-diugh bho fhear a bh' air a' phoileas agus bho neach-naidheachd mu na cùisean as motha air a bheil cuimhne aca fhèin.
Cò ris a tha e coltach do bhoireannaich a bhith ag obair ann an dreuchdan anns a bheil fir sa mhòr-chuid? Tha Cathy a' bruidhinn ri boireannaich a tha an sàs ann a leithid de dhreuchdan.
'S i Beathag Mhoireasdan, ceiliche na seachdain. Rugadh is thogadh Beathag ann an Ungaisiadar, Ùig Leòdhais - à ite a tha dlùth ga cridhe. Tha Beathag ag innse mu h-òige anns a' bhaile agus mu a beatha-obrach ann an Glaschu agus an Earra-Ghà idheal. Tha e air a bhith na thoileacheas mòr dhith a bhith an sàs ann an dreuchdan co-cheangailte ris a' Ghà idhlig.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 16 Oct 2022 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal