Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mgr Earraig às a' Pholainn

Seirbheis còmhla ri Mgr Earraig às a' Pholainn. Gaelic religious service with Fr Jaroslaw Kwecien (Mgr Earraig) from Poland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
A’ Ghrian air a sheinn le Kathleen NicAonghais
A’ seinn an Gloria bha Pauline NicDhòmhnaill
Chridhe Ghaolaich Ìosa air a sheinn le Pòl MacCaluim
Anna Catrìona NicDhòmhnaill a’ seinn Is Tusa Facal Dhè an t-Athair
Do Làmh a Chrìosda air a sheinn le Julie Fowlis
Kathleen Ghreumach a’ seinn Dean Dhòmhsa Tuigse
Luchd-seinn nan sailm à Stafainn a’ seinn Seo Cuan Gràidh Thar Meud na Mara.

Leughadh: Soisgeul Lùcais 19: 1-10

'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigich ann an ceann a tuath na Pòlainne, a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart còrr air fichead bliadhna. Bha e an toiseach ann am paraiste mhòr san sgìr-easbaig aige agus às dèidh dà bhliadhna chaidh a chur dhan Ròimh. Bha e anns an Ròimh airson seachd bliadhna agus thug e a-mach dotaireachd (Ph.D.) ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thill e dhan Phòlainn deich bliadhna air ais, thòisich e air obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairt. Bidh e cuideachd a’ teagasg patristics agus Laidinn ann. An-uiridh chaidh ainmeachadh mar cheannard na Colaiste.

A thaobh a' cheangal a th’ aig Mrg Earraig ris a’ Ghàidhlig, mar a thuirt e fhein,“‘S e sgeul gaoil a tha seo.”

Nuair a bha e anns an Ròimh dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e ann a sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairt ann an diofar pharaistean agus tha e fhathast a’ dèanamh seo. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thairis air na seachd bliadhna deug tha e air tadhail air tòrr àiteachan an Alba agus air mòran charaidean a dhèanamh. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e,“ landaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghàidhlig.”

Bhon uair sin tha e air a bhith ga h-ionnsachadh, rinn e cùrsaichean aig an t-Sabhal Mhòr, am Flòdaigearraidh agus air-loidhne agus ged a tha e anns a’ Phòlainn, tha e ag radh, “gu bheil a chridhe ann an Alba”.

30 minutes

Last on

Sun 9 Jul 2023 15:00

Broadcasts

  • Sun 30 Oct 2022 09:00
  • Sun 30 Oct 2022 15:00
  • Sun 9 Jul 2023 09:00
  • Sun 9 Jul 2023 15:00