
le Maureen Nicleòid
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Maureen Nicleòid. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Maureen Macleod.
Tha Alasdair MacLeòid a' ruith air sgeulachd inntinneach William Alexander à sgìre Lodainn, a chruthaich criospan ainmeil Golden Wonder bho chionn 75 bliadhna. B' e bèicear a bh' ann an Alexander an toiseach ach bha e a' lorg dòigh eile air barrachd airgid a dhèanamh!
Bheil cuimhne agaibh air à m nuair nach robh leithid a rud ri siostam rèididheatar am broinn an taighe, uinneagean reòite air an taobh a-staigh tron gheamhradh agus feum air a bhith a' caomhnadh an dealan agus uisge teth? Tha feum againn uile air gearradh air ais air cosgaisean an-drà sta. Tha Maureen a' cluinntinn bho fheadhainn gan robh sin nà darrach gu leòr, fiù steach dha na 80an.
Tha prògram ùr ri fhaicinn air i-Player a BhBC mu mhurt ainmeil a thachair an Glaschu trà th anns na 80an. Tha The Ice Cream Wars ag innse mar a thà inig mi-rùn, à imhreit is nà imhdeas eadar feadhainn a bha a' ruith bhanaichean reòiteagan gu ceann uabhasach, nuair a chaidh teaghlach a mharbhadh tron oidhche nan dachaigh fhèin. Tha Iain MacAmhlaigh air a bhith a' coimhead a' phrògram agus cuimhne aige cuideachd air an à m fhèin.
Tha a' chompanaidh chà raichean Ford air innse nach bi iad a' dèanamh am Fiesta tuilleadh. Dè a' chuimhne a th' agaibh air?
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 30 Oct 2022 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal