Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Tha Cathy a' comharrachadh deich bliadhna bho chaidh a' bhuidheann Luminate a stèidheachadh, buidheann a tha a' strì airson 's gum faigh seann daoine cothrom a bhith an sàs ann an ealain agus cur-seachadan cruthachail. Bheir Joy Dunlop dhuinn eachdraidh na buidhne agus cluinnidh sinn cuideachd mar a tha buidheannan leithid Alzheimers Scotland a' faighinn taic bho Luminate.

Innsidh Alasdair MacEacharn mun òraid People On The Move a tha e a' toirt seachad aig Ionad Ceann na h-Àirigh ann an Griomasaigh Dimàirt sa tighinn. San òraid bidh e ag innse eachdraidh nan coimhearsnachan 's mar a bha daoine a' gluasad bho sgìre gu sgìre an Uibhist aig toiseach na ficheadamh linn.

Cluinnidh sinn an dàrna earrann den chòmhradh a chlàr Cathy cuide ri cèiliche na seachdain, Tom MacIllFhinnein. Buinidh Tom do bhaile Dhrinisiadar anns Na Hearadh agus tha e air a bhith an sàs ann an obair cunntasachd faisg air dà fhichead bliadhna.

1 minute

Last on

Wed 23 Nov 2022 22:25

Broadcasts

  • Wed 23 Nov 2022 09:00
  • Wed 23 Nov 2022 22:25