
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Cuairt timcheall taisbeanadh ann an Dùn Èideann. Cathy and guests tour Glean; an exhibition of 20th Century women filmmakers and photographers at the City Art Centre in Edinburgh.
'S iomadh boireannach a shiubhal tro Alba le camara 's mu nach cuala sinn mòran, ach tha taisbeanadh ri fhaicinn an-drà sta ann an Dùn Èideann a tha a' sealltainn obair ceathrar bhoireannach deug a bha a' togail dhealbhan trà th san 20mh linn.
Chaidh na dealbhan a tharraing air feadh Alba, ach gu h-à raid air Ghà idhealtachd 's anns na h-eileanan. Tha cuid de na boireannaich, mar Mairead Fay Shaw meadhanach ainmeil agus feadhainn eile mu nach cuala sinn mòran a-riamh mar Christina Broom agus Helen Biggar.
A thuilleadh orrasan, tha dealbhan is filmichean le Violet Banks, M.E.M Donaldson, an Dr Beatrice Garvie, Jenny Gilbertson, Isabel Frances Grant, Ruby Grierson, Marion Grierson, Isobel Wylie Hutchison, Johanna Kissling, Isabell Burton-MacKenzie agus Mairead Watkins ri fhaicinn.
An-diugh, tha Cathy a' dol mu chuairt an taisbeanaidh Glean aig Ionad Ealain Baile Dhùn Èideann. Na cois, tha an ealanaiche Déirdre Nà Mhathúna; an cleasaiche, seinneadear is an sgrìobhaiche, Dolina NicIllFhinnein; an comhairliche eachdraidh is cultar Ciorstaidh NicDhòmhnaill agus an t-Àrd-ollamh Ùisdean Cheape aig a bheil sà r-eòlas air cultar dùthchasach agus eachdraidh na Gà idhealtachd.
Tha sinn a' cluinntinn mar a shiubhal Isabel Frances Grant air feadh na Gà idhealtachd, a' togail dhealbhan de thaighean-tughaidh is à irighean 's mar a chaidh i air adhart às a sin gus Am Fasgadh a stèidheachadh, a tha aithnichte an-diugh mar Taigh-tasgaidh Sluagh na Gà idhealtachd.
Bha Isabell Burton MacKenzie a' siubhal tro na h-Eileanan an Iar le Kodak bheag, 's i a' cumail leabhar-là mu na bha i coimhead mu chuairt oirre.
Tha Cathy agus a h-aoighean a' togail air a sin agus an iomadh sgeulachd eile a tha an cois an taisbeanaidh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 3 Jan 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 3 Jan 2023 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal