
Còmhla ris an Urr Calum Dòmhnallach
Seirbheis còmhla ris an Urr Calum Dòmhnallach, Eaglais Shaor Chalanais. Gaelic service with the Rev Calum MacDonald, minister of Callanish Free Church.
Salm 45: 13-14 air fonn Bedford agus 's e Murchadh MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le choitheanalan bho Eaglais Leòdhais.
Salm 16: 5-7 air fonn Evan agus 's e Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chà rlabhaigh.
Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh
Leughadh: 2 Peadar 3: 1-18
Thogadh Mgr Dòmhnallach ann am baile Shiaboist, air Taobh Siar Leòdhais. Às dèidh dha an sgoil fhà gail fhuair e obair ann am Muileann a' Chlò Hearaich a bha anns a' bhaile agus lean e air ag obair ann an sin son naoi bliadhna. 'S ann às an aon bhaile a tha a bhean aige Mairead agus tha dithis chloinne aca - Aonghas, a tha na shaor ann an Glaschu agus Anna, a tha na banaltram ann an Inbhir Nis. 'S ann an uair a bha e trì bliadhna air fhichead a chaidh Mgr Dòmhnallach iompachadh agus bliadhna no dhà às dèidh sin dh'fhairich e gairm chun na ministrealachd. Chaidh e air ais gu foghlam aig à rd-ìre agus gu ruige Oilthigh Obar Dheathain far an do rinn e MA. Às an sin chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig an Eaglais Shaor ann an Dùn Èideann. B' ann gu sgìre na Pà irce a chaidh e an toiseach na mhinistear agus bha e an sin son seachd bliadhna gus an do ghluais e a Chalanais. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin airson beagan cur-seachad is toil leis a bhith a' ruith chaorach, nì anns a bheil tlachd air a bhith aige bho là ithean òige.
Last on
Broadcasts
- Sun 8 Jan 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Jan 2023 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal