Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart

Còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais Nan Clèireach Ath-leasaichte, Steòrnabhagh. Service conducted by Rev Kenneth Stewart, Reformed Presbyterian Church, Stornoway.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 40: 7-8 air fonn Evan agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Salm 118: 24-26 air fonn Walsall agus 's e Aonghas MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd-eaglais Steòrnabhaigh
Salm 116: 1-2 air fonn St David agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Free North ann an Inbhir Nis.

Leughadh: Mata 21: 2-11 & Salm 118: 24-28
Ceann-teagaisg: Salm 118 : 24

Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thàinig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e ochd bliadhna deug.
Fhuair e foghlam ann an Bun-sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca.
Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-leasaichte ann an Steòrnabhagh, agus roimhe sin na mhinistear air coitheanal Ghlaschu. Chur e ùine seachad cuideachd na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 15 Jan 2023 09:00
  • Sun 15 Jan 2023 15:00
  • Sun 30 Jul 2023 09:00
  • Sun 30 Jul 2023 15:00