Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Tha an àireamh de dh'eunlaith a tha a' neadachadh ann am Breatann tron gheamhradh, air ìsleachadh gu mòr. Carson agus dè ghabhas a dhèanamh mu dheidhinn? Tha Shona NicIllFhialain bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun a' bruidhinn ri Cathy.

Às dèidh a bhith a' strì leth-cheud bliadhna airson còirichean air òrain a sgrìobh e airson Creedence Clearwater Revival, tha John Fogerty air sealbh laghail fhaighinn air còrr air 65 de na h-òrain leithid Bad Moon Rising, Have you Ever Seen the Rain agus Proud Mary, tha Calum Màrtainn agus Kenny Stiùbhart a' beachdachadh air John Fogerty, a chuid òrain agus an suidheachadh anns an robh e fad bhliadhnaichean.

Tha trì fichead bliadhna 's a deich ga chomharrachadh bho chaidh a' chompanaidh ainmeil Laura Ashley a stèidheachadh. Tha sinn a' toirt sùil air ais air cò direach a bh' ann a Laura Ashley fhèin agus dè mar a thàinig i gu bhith cho soirbheachail.

Agus buinidh cèiliche na seachdain, Cairistìona Walker, ri baile Shiaboist ann an Leòdhas. Chuir Cairistìona iomadh bliadhna seachad a' teasgasg chànanan ann an sgoiltean, colaiste agus ann an Oilthigh Obar Dheathain, far an robh i na h-òraidiche gus an do leig i seachad a dreuchd ann a 2012.

57 minutes

Last on

Sun 22 Jan 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 22 Jan 2023 12:00