Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Ruairidh MacIlleathain

Seirbheis bho 2010 còmhla ris an Urr Ruairidh MacIllEathain, Eaglais Shaor an Oib sna Hearadh. Service conducted by Rev Ruairidh MacLean, Leverburgh Free Church, Harris 2010.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 98: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn.
Salm 02: 7-8 air fonn Montrose agus ‘s e Eòin MacLeòid a tha os cionn na seinn le tauc bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Salm 85: 1-2 air fonn Martyrdom agus ‘s e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.

Leughadh: Eòin 1: 19-34
Ceann-teagaisg: Eòin 1: 29

Bha an t-Urramach Ruairidh MacIllEathain na mhinisteir ann an Eaglais Shaor na Hearadh, anns an Òb, bho 2007 gu 2010. Tha e an-diugh na stiùiriche sgìreil aig an UFM, stèidhichte ann an Glaschu. 'S ann bhon a' Bhac ann a Leòdhas a tha e. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e ag obair ann an oifis ailtireachd ann an Steòrnabhagh. Bha e air a' chiad cheum a dhèanamh aig Oilthigh Robert Gordon ann an Obar Dheathain.

Tha Maighstir MacIlleathain pòst' aig Peigi agus tha ceathrar chloinne aca.

Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is caomh leis a bhith a' sàs ann an coimpiutaireachd, ceòl, leughadh, agus a' rannsachadh cànain agus eachdraidh. Is caomh leis a bhith dol a choiseachd agus a champachadh. Tha e cuideachd gu math comasach anns a' chidsin oir is caomh leis a bhith còcaireachd, tha ùidh aige anns a' ghàrradh agus tha cuideachd comasan DIY glè mhath aige.

30 minutes

Last on

Sun 22 Jan 2023 21:00

Broadcast

  • Sun 22 Jan 2023 21:00