
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Tha sinn a' comharrachadh 40 bliadhna bhon a thòisich am prògram ainmeil Caithris na h-Oidhche air rèidio. A nostalgic look back at ÃÛÑ¿´«Ã½ radio programme Caithris na h-Oidhche.
Tha dà fhichead bliadhna a-nochd fhèin bho thòisich prògram ainmeil do dh'òigridh air ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Eilean - Caithris na h-Oidhche. Bha Caithris na h-Oidhche a' cluiche ceòl pop, dùrachdan is eile, beò gach oidhche à Steòrnabhagh agus abair gun do shoirbhich leis. An-diugh, tha sinn a' cluinntinn bho thriùir den chiad fheadhainn a bha an sà s ann - Neen NicAoidh, Iain X MacÃŒomhair agus Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn.
Tha Calina NicDhòmhnaill a' leantainn oirre le sreath air na rudan a tha sinn a' cur air ar biadh airson blas a chur ris. An-diugh tha i a' toirt sùil air diofar sheòrsachan ola.
An t-seachdain a chaidh, thòisich sinn air sreath ùr, far a bheil Cathy a' bruidhinn ri feadhainn a th' aig trà th-ìre de dhreuchd saidheansail. Cluinnidh sinn mun deidhinn fhèin agus dè direach an cuspair a thagh iad. An-diugh, tha sinn a' cluinntinn bho Fhionnlagh Cunniffe, a tha dèanamh rannsachadh biomedigeach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 14 Feb 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 14 Feb 2023 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal