Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Mgr Earraig

Seirbheis còmhla ri Mgr Earraig às a' Phòlainn. Gaelic religious service with Fr Jaroslaw Kwecien (Mgr Earraig) from Poland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Sgoilearan Sgoil Lionacleit a’ seinn Solas na Grèine
An còmhlan Na Brogues a’ seinn Dèan Dhòmhsa Tuigse
A Thighearna Dèan Mise nam Theachdaire Sìth le Kathleen agus Màiri NicAonghais
Joanna Peteranna a’ seinn Ùrnaigh an Tighearna
ELENI - Nic miłości nie pokona
Còisir Eaglais Naomh Barr a’ seinn Seo an Gaol mar Meud na Mara

Leughadh: Mata 5: 38-48
Ceann-teagaisg Mata 5: 43-45

'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigich ann an ceann a tuath na Pòlainne, a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart o chionn cha mhòr mu fhichead bliadhna. Bha e an toiseach ann am paraiste mhòr san sgìr-easbaig aige agus às dèidh dà bhliadhna chaidh a chur dhan Ròimh. Bha e anns an Ròimh airson seachd bliadhna agus thug e a-mach dotaireachd (Ph.D.) ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thill e dhan Phòlainn deich bliadhna air ais, thòisich e air obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairt. Bidh e cuideachd a’ teagasg patristics agus Laidinn ann. Ann an 2021 chaidh ainmeachadh mar cheannard na Colaiste.

A thaobh a' cheangal a th’ aig Mrg Earraig ris a’ Ghàidhlig, mar a thuirt e fhein,“‘S e sgeul gaoil a tha seo.”

Nuair a bha e anns an Ròimh dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e ann a sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairt ann an diofar pharaistean agus tha e fhathast a’ dèanamh seo. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thairis air bliadhnaichean tha e air tadhail air tòrr àiteachan an Alba agus air tòrr charaidean a’ dhèanamh. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e,“ làndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghàidhlig.”

Bhon uair sin tha e air a bhith ga h-ionnsachadh, rinn e cùrsaichean san t-Sabhal Mhòr, am Flòdaigearraidh agus air-loidhne agus ged a tha e anns a’ Phòlainn, tha e ag radh “gu bheil a’ chridhe ann an Alba…”.

30 minutes

Last on

Sun 19 Feb 2023 15:00

Broadcasts

  • Sun 19 Feb 2023 09:00
  • Sun 19 Feb 2023 15:00