
còmhla ri Maureen NicLeòid
Tha an t-ùghdar Iain Urchardan ann an còmhradh ri Maureen mun leabhar ùr bà rdachd aige, Turas. Author John Urquhart chats to Maureen about his new poetry collection, Turas.
Tha sinn a' cluinntinn mu thaigh-dhealbh beag eachdraidheil ann an Dùn Èideann a tha faisg air 90 bliadhna a dh'aois. Chaidh Déirdre Nà Mhathúna ga fhaicinn agus tha i ag innse dhuinn mu dheidhinn.
Chaidh lorg fhaighinn air cnà mhlaich sianar fhear bho Linn an Iarainn anns A' Chomaraich bho chionn ochd bliadhna. Seo a' chiad là rach dhen t-seòrsa bho Linn an Iarainn air an deach lorg fhaighinn air taobh siar na Gà idhealtachd. Chaidh coinneamh a chumail mu dheidhinn san sgìre a mho-raoir. Bha Gòrdan Camshron an là thair agus tha e ann an còmhradh ri Maureen mu dheidhinn.
Tha baile Nablus anns na naidheachdan an-drà sta ri linn an strì 's an aimhreit a tha dol ann. Tha Nablus am measg nam bailtean as eachdraidheil anns an Ear Mheadhanach. Tha Iain Mac a' Phearsain ag innse cà it a bheil e agus mu na là raich ainmeil mun cuairt.
Tha an t-ùghdar Iain Urchardan ann an còmhradh ri Maureen mun chruinneachadh ùr bà rdachd aige, Turas, a thèid fhoillseachadh air a' mhìos seo fhèin.
Agus tha an dealbhaiche-aodaich, Sandra Mhoireach air ùr thilleadh à Paris far an tug i sùil timcheall taigh-tasgaidh ùr Dior. Thadhal 700,000 neach air anns na sia mìosan bho dh'fhosgail e. Dè shaoil Sandra dheth?
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 2 Mar 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 2 Mar 2023 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal