
Còmhla ri Maureen Nicleòid
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Maureen Nicleòid. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Maureen Macleod.
Chaochail Betty Boothroyd air an deireadh sheachdain. B' i a' chiad bhoireannach a bha na Labhraiche air Taigh nan Cumantan. Bha Anna NicLeòid a' coimhead air ais air a beatha.
Tha sneachd air a bhith ann an California airson a' chiad uair ann am bliadhnaichean mòra. Chuala Maureen bho Donaidh Dòmhnallach, a tha a' tà mh ann a sin, mu cò ris a tha cùisean coltach dhaibh.
"Itheadh iad snèap!" thuirt Rùnaire Roinn na h-Àrainneachd, a' Bhìdh agus nan Cùisean Dùthchail air an t-seachdain a chaidh agus i a' bruidhinn mun ghainnead lusan a th' anns na bùithean an-drà sta. Mhol i gum biodh sinn a' dèanamh barrachd feum de lusan a bha fàs san rìoghachd seo fhèin, mar an t-snèap. Tha Maureen ann an còmhradh ri còcairean mu na dòighean as fheà rr snèap ullachadh agus dè an dòigh as fheà rr air a ghearradh gun leum air bho gu h-à ird le sgian arain!
Bho chionn ochd bliadhna chaidh lorg fhaighinn air cnà mhlaich sianar fhear bho Linn an Iarainn anns A' Chomaraich. Seo a' chiad là rach dhen t-seòrsa bho Linn an Iarainn air an deach lorg fhaighinn air taobh siar na Gà idhealtachd. Chaidh coinneamh a chumail mu dheidhinn sa sgìre an t-seachdain s'. Bha Gòrdan Camshron an là thair agus dh' innis e do Mhaureen mu dheidhinn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 5 Mar 2023 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal