Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Pòl Moireach, ministear Eaglais Shaor Cheann Loch

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ris an Urr Pòl Moireach, ministear Eaglais Shaor Cheann Loch. Gaelic service with Rev Paul Murray, Kinloch Free Church.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 146: 1-3 air fonn London New agus ‘s e Niall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Allt Bheatha
Salm 96: 8-9 air fonn Evan agus ‘s e Iain MacRath a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cheann Loch.
Salm 97: 8-9 air fonn French agus ‘s e Dòmhnall Mac an Tòisich a tha os cionn na seinn bhon chlàr Laoidhean is Sailm às an Eilean Sgiathanach.

Leughadh: 1 Eòin 5: 13-21
Ceann-teagaisg: 1 Eòin 5: 21

'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.

Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.

Chaidh Mgr Moireach a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Cheann Loch ann an 2017.

Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas don Òb sna Hearadh agus tha ceathrar a theaghlach aca. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, is caomh le Pòl a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.

30 minutes

Last on

Sun 20 Aug 2023 15:00

Broadcasts

  • Sun 12 Mar 2023 09:00
  • Sun 12 Mar 2023 15:00
  • Sun 20 Aug 2023 09:00
  • Sun 20 Aug 2023 15:00