
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air obair Pablo Picasso, a chaochail bho chionn leth-cheud bliadhna. Remembering the legendary artist Pablo Picasso, who died on 8 April 1973.
Cha bheag an droch amharas a tha dol gu h-eadar-nà iseanta eadar Sìona agus na Stà itean Aonaichte. Ach ciamar a bu chòir don Roinn Eòrpa a bhith a' dèiligeadh ri Sìona, ann an linn far a bheil cogadh air tilleadh do thaobh sear na Roinn Eòrpa? Fhad 's a tha ceann-suidhe na Frainge agus ceannard a' Choimisean Eòrpaich ann am Beijing, bidh Niall Mitchison, a bha roimhe ag obair don Choimisean Eòrpaich, agus Crìsdean Stroemsdoerfer, a tha eòlach air obair ann an gnìomhachasan malairt na Gearmailt, cuide ri Cathy. Dè th' air fà ire, agus dè as còir a bhith air fà ire, eadar Eòrpaich is Sìonaich?
Bidh leth-cheud bliadhna ann Disathairne sa tighinn bhon a chaochail Pablo Picasso. Rugadh Picasso anns a' Spà inn ann an 1881; fear-ealain a chruthaich còrr air 50,000 dealbh, ìomhaigh is seòrsa ealan eile thairis air a bheatha. Tha an ealanaiche Calum Aonghas MacAoidh a' coimhead air ais air beatha agus obair Picasso.
Tha sinn a' cluinntinn mu dà fharpais ciùil a bhios a' tòiseachadh air an deireadh sheachdainn - Fèis Chlà rsach Eadar-nà iseanta Dhùn Èideann agus airson a' chiad uair bho 2019, Farpais Cuimhneachaidh Mà idsear na Pìoba, Dòmhnall MacLeòid.
Cia mheud leabhar a th' agaibh a-staigh nach deach a leughadh fhathast? An-diugh, tha sinn a' tòiseachadh air sreath ùr, far a bheil aoigh gach seachdain a taghadh leabhar às a' chà rn aca fhèin. Thagh Aonghas MacCuidheis For Whom the Bell Tolls le Ernest Hemingway. Sgeulachd a chaidh a sgrìobhadh bho chionn còrr air ochdad bliadhna 's a th'air a bhith air sgeilp Aonghais bho chionn fhada!
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 6 Apr 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 6 Apr 2023 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal