Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Maureen Nicleòid

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Maureen Nicleòid. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Maureen Macleod.

Tha Seonag Monk agus Eilidh Daniels a' dèanamh lèirmheas air Great Expectations, sreath ùr den dràma a chaidh ath-riochdachadh le Steven Knight a thòisich air a' BhBC oidhche na Sàbaid.

Dè na rudan a b’fheàrr leibh a bhith ag ithe nar n-òige? Tha tapioca, Creamola Foam agus Angel Delight a' nochdadh air a' chlàr-bidhe aig an fheadhainn ris a robh Maureen a' bruidhinn an t-seachdain sa.

'S e Stornoway, Quebec ainm dealbh-chluich ùr a chaidh a chuir air an àrd-ùrlar airson a' chiad uair sa Lanntair ann a Steòrnabhagh oidhche Dhiardaoin. Tha e stèidhichte air sgeulachd Dhòmhnaill Mhoireasdan a rugadh an Canada ann a 1858 do phàrantan Leòdhasach, 's a bha ainmeil mar fhògarrach ris an canar a Megantic Outlaw. Thèid Stornoway, Quebec air chuairt air feadh na dùthcha air a' mhìos sa. Tha Maureen ann an còmhradh ri sgrìobhaiche an deilbh-chluich, Calum L MacLeòid.

Leis gu robh 170 bliadhna ann Diardaoin bho rugadh Vincent Van Gogh 's an Taigh-tasgaidh Van Gogh ann an Amsterdam a' comharrachadh leth-cheud bliadhna bho dh'fhosgail iad, bha na h-ealanaichean Iseabail Mhoireach agus Dòmhnall Moireach a' toirt sùil air beatha agus dìleab Van Gogh.

57 minutes

Last on

Sun 2 Apr 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 2 Apr 2023 12:00