Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Ciamar a tha òigridh sa Roinn Eòrpa a' coimhead ri leudachadh NATO? How do young Europeans characterise the expansion of NATO?

Tha NATO - an caidreachas armaichte a tha a' cur dìon air dùthchannan a tha nam buill ann an Ameireaga a' Tuath agus a' Roinn Eòrpa - air fàs. Thàinig an Fhionnlan a-steach dhan bhuidheann air a' mhìos sa, agus tha làn dhùil ann gun tig an t-Suain a-steach cuideachd. Ach ciamar a tha daoine anns a' Roinn Eòrpa a' faireachdainn mun a' sgaoileadh a-mach a tha seo? Tha Cathy a' bruidhinn ri Liam Redmond anns an t-Suain, agus Ryan Dziadowiec a bhuineas don Phòlainn, feuch dè am beachdan fhèin.

Cluinnidh sinn cuideachd bho Mhìcheil MacAoidh mar a tha cuideigin bhon teaghlach phoilitigeach ainmeil anns na Stàitean - na Ceanadaich - air nochdadh sna naidheachdan. Tha Raibeart F Ceanadach càirdeach dhan t-seann cheann-suidhe ach tha na poilitigs aige gu math eadar-dhealaichte, is e a' seasamh an aghaidh Joe Biden airson a bhith na thagraiche Deamocratach.

Cò am bodach uaine a th' air eaglaisean is ballachan cloiche air feadh Shasainn - agus a th' air litir cuiridh gu crùnadh Theàrlaich, rìgh Bhreatainn? Le casaidean de phàganachd ron t-seann shuaicheantas seo, tha Teàrlach Quinnell a' mìneachadh dè dha-rìribh a th' anns an ìomhaigh sa.

Agus lèirmheas de dhràma-poileas Albannach - Six Four, stèidhte ann an Glaschu. Dè a shaoil Eilidh Lewsey de phrògram stèidhte air leabhar agus sgeulachd a thàinig à Iapan, ann an cruth teilibhisean an Alba?

57 minutes

Last on

Tue 11 Apr 2023 22:25

Broadcasts

  • Tue 11 Apr 2023 09:00
  • Tue 11 Apr 2023 22:25