
Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha NATO - an caidreachas armaichte a tha a' cur dìon air dùthchannan a tha nam buill ann an Ameireaga a' Tuath agus a' Roinn Eòrpa - air fà s. Thà inig an Fhionnlan a-steach dhan bhuidheann air a' mhìos sa, agus tha là n dhùil ann gun tig an t-Suain a-steach cuideachd. Ach ciamar a tha daoine anns a' Roinn Eòrpa a' faireachdainn mun a' sgaoileadh a-mach a tha seo? Tha Cathy a' bruidhinn ri Liam Redmond anns an t-Suain, agus Ryan Dziadowiec a bhuineas don Phòlainn, feuch dè am beachdan fhèin.
Cò am bodach uaine a th' air eaglaisean is ballachan cloiche air feadh Shasainn - agus a th' air litir cuiridh gu crùnadh Theà rlaich, rìgh Bhreatainn? Le casaidean de phà ganachd ron t-seann shuaicheantas seo, tha Teà rlach Quinnell a' mìneachadh dè dha-rìribh a th' anns an ìomhaigh sa.
Tha taic ga chuir ri seachd à itichean am Breatann a tha a' sireadh inbhe Là rach Dualchas na Cruinne. Tha sinn a' faighinn dealbh air cuid dhiubh agus a' cluinntinn mun diofar a dhèanadh an inbhe seo dhaibh, nam b' e 's gun deigheadh a bhuileachadh orra.
Bha mil ga chleachdadh uaireigin mar dhòigh air lotan a shlà nachadh. Tha rannsachadh às ùr ga dhèanamh air a bhuannachd medigeach a dh'fhaodadh a bhith an cois mil. Tha Calina NicDhòmhnaill ag innse mu na diofar dhòighean anns a faodar buannachd fhaighinn à mil.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 16 Apr 2023 12:05ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal