Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Dè bha cho sònraichte mun fhilm Albannach ainmeil Local Hero? Scottish film classic Local Hero is re-released in cinemas soon to mark its 40th anniversary. Why is it so iconic?

Le 120 bliadhna bho dh'fhosgail Eaglais Naomh Mìcheil ann an Èirisgeidh - an eaglais a thog Mgr Ailean agus muinntir an eilein - cluinnidh sinn criomagan bhon tasglann ag innse mun togalach eachdraidheil seo.

Tha 40 bliadhna ga chomharrachadh bho nochd a film ainmeil, Local Hero. Anns a' film, tha duine à Texas a nochdadh ann am baile beag ann a siorrachd Obar Dheathain. Tha sùil aig companaidh mòr ola air a' bhaile ach tha muinntir an àite a' dol nan aghaidh. Bidh a' film ri fhaicinn às ùr ann an taighean-deilbh bhon 19mh dhen mhìos. Carson a tha e cho ainmeil chun là an-diugh? Tha sinn a' cluinntinn bho thè a tha dèidheil air filmichean agus bho fhear a nochd anns a' film fhèin!

Tha an seinneadair Joni Mitchell air chuairt airson a' chiad turas ann a fichead bliadhna. Bheil an ceòl 's na h-òrain aice fhathast bunaiteach san là an-diugh?

Agus thèid an dealbh ainmeil Portrait Of A Lady in Grey and Black fhaicinn ann an taisbeanadh airson a' chiad uair ann an ceud bliadhna, tron t-samhradh. Chaidh a pheantadh le Sir John Lavery a chaidh gu Sgoil Ealain Ghlaschu. Cò dìreach a bh' ann?

57 minutes

Last on

Thu 11 May 2023 22:25

Music Played

  • Joni Mitchell

    A Case Of You (DS Murray & Mairi Sine Song Choice 11.05.23)

    • Blue.
    • Rhino.
    • 9.

Broadcasts

  • Thu 11 May 2023 09:00
  • Thu 11 May 2023 22:25