Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Tha coltas gu robh còrr air fichead millean neach air feadh na Rìoghachd Aonaichte a' coimhead an telebhisein aig meadhan-là Disathairne, nuair a bha an Rìgh Teàrlach III dha chrùnadh, le faisg air dusan millean a' coimhead chùisean air fad. A' stiùireadh fear de sgiobaidhean-camara a' BhBC bha an stiùiriche Iain Mac a' Ghobhainn 's bha e còmhla ri Cathy airson innse mun là aigesan.

Tha seusan turasachd na bliadhna seo air tòiseachadh. Bha Cathy a' dèanamh beagan còmhraidh mun bhuannachd agus na dùbhlain a tha an cois turasachd coimhearsnachd. Dè a tha dhìth, dè a tha ag obrachadh gu math agus dè a ghabhadh a leudachadh?

'S i Dawn Nic a' Ghobhainn cèiliche na seachdain. Ruith Dawn maraton Lunnainn air a' mhìos a chaidh 's an ceann seachdain bha na brògan spòrs oirre a-rithist - an turas seo ann an Sierra Leone. 'S e dùthaich a th' ann a tha dlùth ga cridhe agus i dìreach air tilleadh às.

Tha 40 bliadhna ga chomharrachadh bho nochd a film ainmeil, Local Hero. Anns a' film, tha duine à Texas a nochdadh ann am baile beag ann a siorrachd Obar Dheathain. Tha sùil aig companaidh mòr ola air a' bhaile ach tha muinntir an àite a' dol nan aghaidh. Bidh a' film ri fhaicinn às ùr ann an taighean-deilbh bhon 19mh dhen mhìos. Carson a tha e cho ainmeil chun là an-diugh? Chuala Cathy bho thè a tha dèidheil air filmichean agus bho fhear a nochd anns a' film fhèin!

57 minutes

Last on

Sun 14 May 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 14 May 2023 12:00