
Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Bha aire ga thoirt an t-seachdain sa gu tinneas an t-siùcair, tinneas a tha a' toirt buaidh air sean is òg. Mhìnich an Dr Andar Gunneberg a' bhuaidh a tha an tinneas a' toirt air bodhaig duin' air a bheil e agus na leigheasan a tha ri fhaotainn air a shon. Dh'innis Ùisdean Stiùbhart agus Seonag NicAnndrais mar a thòisich an tinneas orra fhèin agus mar a tha iad a' dèiligeadh ris bho là gu là .
Dimà irt, dh'innis Anndra MacÌomhair, a bha na Àrd-òraidiche Innleadair-Còmhdhalach aig Oilthigh Napier, mar a fhuair e eòlas air Myanmar, dùthaich sa robh e tric a' tadhal tro obair bho 2016, gus na chuir Riaghaltas Bhreatainn casg air daoine siubhal ann a thaobh sà bhailteachd.
Tha taisbeanadh mu thè a bha cliùiteach ann an saoghal an fhasain, agus a thug stoidhle spòrsail gu à rd-shrà idean Bhreatainn, ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh Khelvingrove ann an Glaschu an-drà sta. Fhuair sinn beachd bho Chairstìona Mhoireasdan agus bho Chatrìona Mhoireach air Mary Quant: The Revolutionary.
'S ann à Baile nan Cailleach a bha cèiliche na seachdain Diciadain 's eadar bradain agus còcaireachd, fhuair sinn rudeigin blasta bho Iain MacRuairidh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 18 Jun 2023 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal