Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Bha na ceudan a-muigh ann an Glaschu aig a' chiad sealladh de thaisbeanadh mòr de dh'obair ealain Banksy. Tha e ri fhaicinn aig GoMA sa bhaile - sin an Gallery of Modern Art. Chaidh Catriona Mhoireach a thoirt sùil timcheall agus bha i còmhradh ri Cathy.

Thèib feadhainn ann a sgìre Teeside seann dhoile a thilgeal dhan sgudal bho chionn ghoirid ach bu mhath nach do thilg. Chaidh a reic airson faisg air £53,000 aig rùp!
Chuala sinn Dimàirt sinn mu na rudan a tha daoine air tilgeal a-mach thar nam bliadhnaichean, 's b' fheàrr leotha an-diugh gu robh iad air an cumail?

Bha Comunn Eachdraidh na Pàirce ann a Leòdhas a' comharrachadh sgeulachd annasach a bhuinneas dhan sgìre aca. Chuala Cathy bho Donnie Mhoireasdan bhon Chomunn mu nithean dìomhair a bha gabhail àite aig àm an Dàrna Cogaidh agus na saighdearan ris an canar 'charioteers'.

Agus 's i Catrìona NicRath à Leòdhas ach a th' air a bhith a' tàmh an Glaschu fad bhliadhnaichean a bha air aoigheachd aig Cathy. 'S ann do Ghabhsann air taobh siar Leòdhais a bhuinneas Catrìona. Chuir i a beatha-obrach seachad na dotair agus tha i dìreach air a dreuchd a leigeil dhi. As a chòmhradh chula sinn mar a rinn a' chaileag seo agallamh ri Calum Runrig fada ro dhuine againne, agus mu mar a tha còisir agus an cù gu mòr mar phàirt de a beatha!

57 minutes

Last on

Sun 25 Jun 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 25 Jun 2023 12:00