Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

A bheil saorsa aig boireannaich sna h-eileanan am beachdan fhèin air iomadach cuspair a chur an cèill? Nochd beachd bho thè-naidheachd an t-seachdain sa nach robh feimineachas neo cothrom a bhith fosgailte mu chuspairean eadar-dhealaichte na phàirt mhòr sam bith de chultar eileanach, Gàidhealach. Fhuair Cathy beachdan bho thriùir bhoireannach: Rhoda NicDhòmhnaill, Joni Bochanan agus Fay NicDhiarmaid.

Tha 90 bliadhna air a' mhìos seo bho laigh a' chiad itealean air Tràigh Mhòr Bharraigh. Bha Cathy ann an còmhradh ri feadhainn mun cuimhneachain fhèin air a' phort-adhar thar nam bliadhnaichean.

Bha feadhainn a bha eòlach oirre a' cuimhneachadh air Winnie Ewing a chaochail an t-seachdain a chaidh aig aois 93. Bha i ainmeil mar bhall-pàrlamaid Albannach agus Eòrpach agus aithnichte fon fhar-ainm, Madame Ecosse.

Agus b' e Ailean Dòmhnallach a bh' air aoigheachd aig Cathy mar chèiliche. 'S ann à Èirisgeidh a tha Ailean 's chaidh e uaireigin gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain, gu bhith na shagairt. B' e co-dhùnadh duilich a bh' ann dha a leigeil seachad, oir aig a' cheann-thall, thuig e nach b' e sin a' rathad a bha e airson a ghabhail. Thàinig e gu craoladh Gàidhlig aig àm nuair a bha Radio nan Eilean ga ùr thòiseachadh agus às a sin, thug e dà fhichead bliadhna 's a còig an sàs sna meadhanan, gus an do leig e seachad a dhreuchd, 's e mu dheireadh na chathraiche air MG Alba.

57 minutes

Last on

Sun 2 Jul 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 2 Jul 2023 12:00