Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Bha 75 bliadhna ga chomharrachadh bho chaidh an t-Seirbheis Slàinte Nàiseanta a chur air chois. Diciadain bha Cathy ann an còmhradh ri dotairean agus luchd-altraim a bha 's a tha ag obair san NHS. Chuala i bhon lannsair Ailean Turner, an dotair ospadail Donna Kelly, an dotair teaghlaich Catriona NicRath agus Catriona NicIllìosa a thug fad bhliadhnaichean mòra na bean-ghlùine.

Bha trì fichead bliadhna ga chomharrachadh ant-seachdain s' bho chaidh Tunail Chluaidh fhosgladh. Thagh sinn criomagan bho thasglann ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gàidheal, co-cheangailte ris an tunail agus na h-aiseagan a b' àbhaist a bhith air Chluaidh 's bha Cathy a' bruidhinn ri Aonghas MacGuaire aig a bheil cuimhne air an tunail ga thogail agus ri Aonghas MacIllìosa a tha na einnseanair le eòlas air drochaidean.

Tha seusan a' sgadain againn ach a rèir choltais, tha e duilich grèim fhaighinn air fear! Bha an còcaire, Alasdair MacLeòid a' toirt sùil air eachdraidh iasgach a' sgadain agus a' moladh na dòighean as fheàrr leis fhèin a bhith ga ullachadh.

57 minutes

Last on

Sun 9 Jul 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 9 Jul 2023 12:00