Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Sùil mu chuairt taisbeanadh samhraidh aig Comunn Eachdraidh Èirisgeigh. Angela MacKinnon visits an island exhibition at Eriskay Historical Society.

Bho chionn fichead bliadhna, dh'èirich connspaid mhòr ann an Aimeireagaidh, co-cheangailte ri cogadh a' Ghulf. Bha e stèidhichte air te dhen ainm Valeire Plame. Cò bh' innte, dè thachair an cois am 'Plame Affair' agus carson? Tha Mìcheal MacAoidh a' toirt sùil air ais air cùisean.

Dè na lusan is planntraisean, a tha lìonmhor mun àm 'sa dhen bhliadhna, ach cunnartach dhuinn 's carson? Tha Calina NicDhòmhnaill a' ruith air cuid dhiubh.

Tha trì fichead bliadhna bho thàinig The Beatles gu àrd-ìre air feadh an t-saoghail agus tha taisbeanadh ùr de dhealbhan camara a thog Sir Paul McCartney fhèin aig an àm, air ùr-fhosgladh ann a Lunnainn - dealbhan nach deach fhaicinn a-riamh roimhe. Chaidh Anna NicLeòid chun taisbeanadh 's tha i ann an còmhradh ri Cathy mu dheidhinn.

Agus ann an Èirisgeigh, tha dealbhan a tha dol air ais gu math nas fhaide na sin ann an taisbeanadh a th' aig Comunn Eachdraidh an eilein air an t-samhradh seo. Tha iad a' toirt sùil air mar a chaidh daoine fhuadach dhan eilean agus air feadhainn a dh' fhalbh às. Chaidh Angela NicFhionghuin mu chuairt an taisbeanaidh còmhla ri cuid de mhuinntir an eilein.

57 minutes

Last on

Thu 13 Jul 2023 09:00

Broadcast

  • Thu 13 Jul 2023 09:00