Main content
Sorry, this episode is not currently available

Le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Tha sinn eòlach air cluinntinn mun na Samaratanaich, buidheann carthannais a chaidh a stèidheachadh o chionn 70 bliadhna air ais airson taic a thoirt do dhaoine a tha a' fulang le trioblaidean trom-inntinn. Cuideachd an sgeulachd sa Bhìoball mu dhuine a th’ air a leòn ri oir an rathaid, agus ged a tha daoine uaisle dha fhaicinn fhads a bha iad a' coiseachd seachad agus gur e an Samaratanach, a bhuineas do shluagh aig an robh droch chliù am measg nan Iùdhach, a tha ga chuideachadh. Ach ‘s docha nach eil fios aig a h-uile duine gu bheil na Samaratanaich fhathast a’ fuireach ann an Israel agus Palestine – mu mhìle dhiubh. An t-seachdain sa chaidh, chaidh losgadh air saighdearan Israel a bha a’ dìon na coimhearsnachd bhig seo. Innsidh Ruairidh MacIlleathain dhuinn cò iad na Samaratanaich.

An t-seachdainn seo thoisich Mios Naiseanta an Iasgaich. Bheir sinn sùil shònraichte an-diugh air bric. Mìnichidh Alasdair MacLeoid agus Coinneach Peutan dè na doighean is fheàrr brìc a' ghlacadh, ullachadh, agus ithe.

Thug Sinead O'Connor aon chlàr a-mach anns an t-seann nòs na Gaelige ann an 2002. Gheibh sinn beachd bho Brian O h-Uiginn agus Maire Ni Annrachain air àite an
t-seann nòs ann an cultar na h-Èireann an-diugh.

A' comhrachadh leth-cheud bliadhna bho thoisich an comadaidh “Some Mothers Do ‘Ave ‘Em”, a thug lachanaich air gu leòr a bha dha choimhead thar nam bliadhnaichean, Seonag Monk nam measg.

57 minutes

Last on

Thu 3 Aug 2023 22:25

Broadcasts

  • Thu 3 Aug 2023 09:00
  • Thu 3 Aug 2023 22:25