Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

'S i Flòraidh NicThòmais à Barraigh, cèiliche na seachdain. Cathy chats to Wednesday guest, Flora Thomson from Barra.

Tha dìlean uabhasach air cron mòr a dhèanamh ann a Siona 's ceann a deas Àisia. An-diugh, tha sinn a' cluinntinn bhon Ollamh Ùisdean MacNeacail mu rannsachadh san robh e fhèin an sàs ann an Indonìsia, co-cheangailte ri buaidh tsunami agus crithean-talmhainn. Tha sinn a' cluinntinn cuideachd bho Aonghas Lambkin, a tha ag obair do na Dùthchannan Aonaichte, am measg feadhainn a bhios gan cuir a-mach airson taic is cobhair a thoirt seachad, nuair a tha feum air.

Tha Angela NicEachainn aig Fèis Dhùn Èideann 's i air A Portrait of Ludmilla as Nina Simone fhaicinn.

'S i Flòraidh NicThòmais à Barraigh, cèiliche na seachdain. 'S ann am baile beag Nasg a chaidh a togail agus innsidh i fhèin mun bhuaidh a thug sgioba ball-coise Celtic air a beatha agus a saoghal obrach eadar Glaschu, Dùn Èideann, am ÃÛÑ¿´«Ã½ agus teagasg.

57 minutes

Last on

Wed 9 Aug 2023 22:25

Broadcasts

  • Wed 9 Aug 2023 09:00
  • Wed 9 Aug 2023 22:25