
Turas Dan a Lunnainn
Coinneach MacÃŒomhair a' cuimhneachadh air Dan Moireach. Kenny Maciver introduces a tribute to the late Dan Murray, bringing us a special programme recorded with him in London.
Tha còrr air dà fhichead bliadhna bho chualas Dan Moireach, a bhà saich Disathairne a chaidh, air radio an toiseach. Bhiodh e tric ri chluinntinn air Aithris na Maidne sna 80an nuair a bha e ag obair aig gà rradh-òla Àranais agus an obair aig à irde. Às dèidh dha obair là itheil a leigeil seachad, fhuair e sreath phrògraman dha fhèin air a robh An Tac an Teine, far am biodh e a' còmhradh ri daoine mu iomadh cuspair bho obair nan each gu obair seòlaidh, bhon à irigh chun Overnewton, bho bhà ird baile gu prìosanaich cogaidh. A thilleadh air a sin, bha ùidh mhòr aige ann am bogsadh agus ann a seann filmichean - gu h-à raid an fheadhainn sa robh Marilyn Monroe.
'S e craoladair a bh' ann aig a robh dà imh là idir ris a' luchd-èisteachd agus cha b'fhada gun d'fhuair e à rd-ùrlar eile a bheireadh cothrom a bharrachd dha. Thairis air fichead bliadhna còmhla ri Coinneach MacÌomhair, chuala sinn e an toiseach ag innse mu na h-annasan a bhiodh e a' lorg san tasglann de Ghasaet Steòrnabhaigh a bhiodh e a' sgrùdadh airson uairean a thìde sa leabharlann. Sna bliadhnaichean mu dheireadh 's e a bheachdan air poilitigs 's cùisean sòisealta a bha na tharraing mhòr agus e fhèin agus a chompanaich a' cumail ceann a' mhaide ri Coinneach. Cha robh prògram far nach toireadh e smaoineachadh agus gà ire oirnn.
Nuair a rà inig Dan aois trì fichead 's a deich chaidh e fhèin 's Coinneach air turas a Lunnainn, agus a seo cluinnidh sinn mar a chaidh dhaibh ann an Tùr Lunnainn, an Taigh nan Cumantan, aig taisbeanadh mun dà Chogadh Mhòr agus mar a chaidh dha nuair a choinnich e ri Alasdair Darling, an Seansalair a bh' ann aig an à m.
Last on
Broadcasts
- Fri 18 Aug 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sat 19 Aug 2023 00:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal