
Cuairt sa chà r le Kiwi
Cuairt a-muigh air rathaidean Leòdhais le Calum 'Kiwi' MacLeòid agus an AC Cobra aige. A short roadtrip in Lewis with Calum Kiwi MacLeod driving his AC Cobra kit car.
Tro sheachdainean an t-samhraidh, tha cothrom air a bhith aig Coinneach Mac a' Ghobhainn a dhol a-mach air diofar chuairtean ann an ceà rnaidhean eadar-dhealaichte dhen dùthaich.
Anns a' phrògram sa tha sinn an cuideachd fear de shà r-eòlaichean saoghal chà raichean Eilean Leòdhais - Calum 'Kiwi' MacLeòid - agus e gar toirt a-mach ann an aonan de na cà raichean aige. Tha Calum air bliadhnaichean mòra a chuir seachad a' ruith garaids ann an Steòrnabhagh, agus na ùine fhèin tha e a cheart cho dualdach a bhith le shròin fon bhonaid is a bha e na bheatha-obrach.
Cluinnidh sinn beagan mu na cà raichean eadar-dhealaichte air a bheil e ag obair an-drà sta mus fhalbh sinn cuide ris ann an AC Cobra - cà r a tha e fhèin air a chuir ri chèile, is a bha e a' miannachadh bhon a bha e glè òg. Agus air turas gu baile à raich ann an Cnoc an t-Solais gheibh sinn sealladh air an duine fhèin cuideachd - mar a thog e ùidh ann an cà raichean, mar a tha e air a bheatha a chuir seachad a' dèanamh obair a tha a' còrdadh ris cho mòr, agus an aon chà r a bu chaomh leis lorg fhathast gus a chà radh anns an t-seada.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 18 Sep 2023 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 20 Sep 2023 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Sep 2023 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal