Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Eilidh NicDhòmhnaill agus Emma NicLeòid

Am b' fheàrr leat siubhal air feadh an t-saoghail an asgaidh no £50,000 a chosg air rud sam bith? Would you rather a free trip around the world or £50,000 to spend as you wish?

Tha Sabhal Mòr Ostaig a' comharrachadh leth-cheud bliadhna bho dh' fhosgail a' cholaiste agus cluinnidh sinn bho chuid de na h-oileanaich a th' innte an-dràsta agus iad aig seisean ciùil an t-seachdain a chaidh.

Tha na teaghlaichean ainmeil Kardashian agus Osbourne air ais le sreathan ùr - ach a bheil sinn fhathast cho dèidheil air na prògraman sin?

'S i Caitlin Andrew a tha a' faighneachd na ceist 'Dè a b' fheàrr leat?' a-nochd - a bhith siubhal air feadh an t-saoghail fad bliadhna an-asgaidh no £50,000 a chosg air rud sam bith a thogras tu?

Cluinnidh sinn carson a tha My Mum, Your Dad a' còrdadh ri Eilidh agus carson a tha Emma den bheachd gu bheil Love is Blind sgrathail ann an Sgoinneil/Sgrathail/Sàbhailte. Bheil thu fhèin air coimhead air na prògraman sin? Leig fios aig cruinn@bbc.co.uk.

Tha ceòl aca bho Take That, Hò-Rò, Valtos agus tòrr eile.

2 hours

Last on

Mon 25 Sep 2023 19:00

Broadcast

  • Mon 25 Sep 2023 19:00