
le Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air colbhan-beachd nam pà ipearan-naidheachd bhon deireadh sheachdain. Guests review some of the weekend's newspaper columns.
'S iad Iain S Moireasdan agus Iain Caimbeul a tha a' toirt sùil air colbhan-beachd bho phà ipearan na deireadh sheachdain.
Gheibh sinn beachd John Neil Dòmhnallach air an taisbeanadh, Grayson Perry: Smash Hits, a tha ri fhaicinn aig Gailereaidhean Nà iseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann.
Tha Ken Loach ainmeil airson filmichean mu chùisean sòisealta 's na tha a' toirt buaidh air beatha laitheil dhaoine ann a sgìrean bochda Bhreatainn. Tha film ùr bhuaithe, The Old Oak, air a thighinn a-mach. Tha e stèidhichte air coimhearsnachd ann an County Durham, 's na tha a' tachairt nuair a tha fògarraich à Siria a' tighinn a dh'fhuireach ann. Tha an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAongais air fhaicinn.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 2 Oct 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 2 Oct 2023 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal