
Còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart
Còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba ann an sgìr' Ùig agus Bheà rnaraigh. Gaelic service with Rev Hugh Stewart, Church of Scotland Minster for Uig and Bernera.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 93: 3-3 air fonn Torwood agus 's e Seonaidh MacFhilip a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Beà rnaraigh na Hearadh.
Salm 40: 5 air fonn St David agus 's e an t-Urr Dòmhnall M MacCoinnich a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Eòin ann an Dùn Èideann.
Salm 133: 1-3 air fonn Stornoway agus 's e Iain Murchadh Mà rtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh
Leughadh: Salm 92
Ceann-teagaisg: Salm 92
Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a leantainn dreuchd na ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a leantainn na dreuchd ùir aige.
Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùig is Bheà rnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th' ann a thaobh meud na sgìre agus à ite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba.
B' ann sa choitheanal seo a bha an dùsgadh bu mhotha a ghabh à ite anns na h-eileanan anns na 1820an. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh sheirbheisean comanachaidh aig an à m sin.
Tha Mgr Stiùbhart pòsta aig Seonag Mhoireach agus tha aon bhalach aca, Teà rlach.
Last on
Broadcasts
- Sun 1 Oct 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Oct 2023 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal