Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh na seachdain le Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Chuala sinn bho Mhìchael Klevenhaus mar a tha fìon Gearmailteach gu mòr anns an fhasan.

Dh'innis Aonghas MacIllEathain, a bhuineas do bhaile Shiaboist ann a Leòdhas, mar a fhuair e Bonn-cuimhe Deuchainn Niùclasach bho chionn ghoirid air sgàth 's gu robh e an làthair air Christmas Island nuair a bhathas a' dèanamh deuchainnean niùclasach ann an 1959.

Thug an Caiptean Alasdair Mac a' Ghobhainn dhuinn eachdraidh an SY Morning, an soitheach-cobhair a chaidh a thoirt cuideachadh dhan Discovery nuair a chaidh a glacadh ann an deigh nuair a bha i air a' chiad chuairt aig Caiptean Raibeart Falcon Scott chun Antarctic eadar 1901-04.

B' i Cairistìona Parsons cèiliche na seachdain s'. Buinidh i do dh'Aignish anns a' Rubha a Leòdhas, ged a tha i air a dachaigh a dhèanamh ann an Ceap Breatainn.

57 minutes

Last on

Sun 8 Oct 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 8 Oct 2023 12:00