Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Mgr Earraig Kwiecień

Seirbheis le Mgr Earraig Kwiecien, sagart-cuideachaidh an Cathair-eaglais Naoimh Chalum Chille san Òban. Service with Fr Earraig Kwiecień, assistant priest St Columba's Cathedral.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Còisir Eaglais Naomh Peadair a’ seinn na laoidhean, 'O Ìosa bi 'n Còmhnaidh' agus 'Dlùth ri Ìosa'.
Pàdraig Hughes a’ seinn Aig Crìosd’ an Sìol.
Harpa Dei le Requeim Aeternam.
Còisir Ghàidhlig Bharraigh a’ seinn Do Làmh, a Chriosda.

'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigich ann an ceann a tuath na Pòlainne, a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart corr aig fichead bliadhna. Bha e an toiseach ann am paraiste mhòr san sgìr-easbaig aige agus às dèidh dà bhliadhna chaidh a chur dhan Ròimh. Bha e anns an Ròimh airson seachd bliadhna agus thug e a-mach dotaireachd (Ph.D.) ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thill e dhan Phòlainn corr is deich bliadhna air ais, thòisich e air obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairt. Bha e cuideachd a’ teagasg patristics agus Laidinn ann agus mu dheireadh bha e na cheannaird air a' Cholaiste.

A thaobh a' cheangal a th’ aig Mrg Earraig ris a’ Ghàidhlig, mar a thuirt e fhein,“‘S e sgeul gaoil a tha seo.â€
Nuair a bha e anns an Ròimh dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e ann a sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairt ann an diofar pharaistean. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thadhail e air tòrr àiteachan an Alba agus rinn e tòrr charaidean. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e,“ làndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghàidhlig.â€
Dh'ionnsaich e an cànan tro chùrsaichean aig an t-Sabhal Mhòr, am Flòdaigearraidh agus air-loidhne. Bha miann aige a thighinn a dh'fhuireach a dh'Alba agus mu dheireadh thall rinn e sin am-bliadhna. Tha Mgr Earraig a-nise na shagart ann an Sgìr' Easbaig Earra-Ghaidheal 's nan Eilean agus an-dràsta fhèin na shagart-cuideachaidh ann an Cathair-eaglais Naoimh Chaluim Chille san Òban.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 5 Nov 2023 09:00
  • Sun 5 Nov 2023 15:00