
le Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air a' leabhar còcaireachd Seafood Journey: Tastes & Tales From Scotland le Ghillie Basan. Alasdair Macleod reviews Ghillie Basan's latest Scottish book, Seafood Journey.
Thèid film ùr a dhèanamh ag innse sgeulachd beatha an ealanaiche Albannach, Wilhelmina Barns-Graham, a rugadh ann an Cill Rìmhinn. ‘S i Tilda Swinton a bhios ga cluich ach cò direach a bh' innte? Tha an ealanaiche, Iseabail Mhoireach ag innse dhuinn mu deidhinn.
Tha na mìltean leabhraichean còcaireachd ùr agus leabhraichean bìdh a' tighinn a-mach gach bliadhna ‘s an iarrtas as motha orra ron Nollaig. Thairis air na trì seachdainean ri thighinn, tha Alasdair MacLeòid a' dol a thoirt sùil dhuinne air dhà neo trì a nochd am-bliadhna, ach le blas na mara neo ceangal sònraichte ri Alba orra. Tha e a' tòiseachadh an-diugh le Seafood Journey: Tastes & Tales From Scotland le Ghillie Basan.
'S tha sinn a' cluinntinn mu shreath ùr a tha a' tòiseachadh air ÃÛÑ¿´«Ã½ Alba a-nochd. Tha Immigration Tracks air a bhith an Canada, a' coinneachadh ri teaghlaichean a bhuineadh do Ghà idheil a rinn an dachaigh a sin bho chionn còrr air 100 bliadhna. 'S mar a bhios ri fhaicinn 's ri chluinntinn sa phrògram, tha a' Ghà idhlig fhathast aca ann an cuid de cheà rnaidhean.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 21 Nov 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 21 Nov 2023 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal