
Còmhla ris an Urr Tormod MacÌomhair
Seirbheis còmhla ris an Urr Tormod MacÌomhair bho Eaglais na h-Alba. Gaelic religious service conducted by Rev Norman MacIver, Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 15: 1-2 air fonn Bangor agus ‘s e Coinneach Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho Clas Seinn nan Sailm ann an Cille Mhoire.
Salm 62: 11-12 air fonn Martyrdom agus ‘s e Murchadh MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ghrabhair.
Salm 16: 5-7 air fonn Moravia agus ‘s e Coinneach Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.
Leughadh: Leabhar nan Ephèsianaich 1: 1-14
Ceann-teagaisg: Ephèsianaich 1: 13
'S ann do sgìre Shiadair san Rubha a bhuineas Mgr MacÌomhair. Ghluais e a Ghlaschu nuair a bha e ochd bliadhna deug agus bha e ag obair ann an oifis airson còig bliadhna. Nuair a bha e mu bhliadhna ann an Glaschu thà inig atharrachadh na bheatha agus thòisich e a' leantainn beatha Chrìosdail.
Nuair a chaidh a ghairm chun na ministrealachd, bha aige ri dhol dhan cholaiste airson bliadhna airson deuchainn fhaighinn ann am foghlam aig à rd-ìre. Às dèidh sin bha cùrsa diadhachd de chòig bliadhna aige ri dhèanamh ann an Colaiste na Trianaid.
Phòs e fhèin 's a bhean, Catherine, ann an 1974 nuair a bha e deiseil dhan trèanadh aige. Rinn Mgr MacÌomhair dà bhliadhna na mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais Naomh Mhìcheil ann an Linlithgow mus deach a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire is Paibeil an Uibhist a Tuath. Bha Mgr MacÌomhair na mhinistear san sgìre sin son còrr air deich bliadhna mus deach a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart ann an 1988, far an robh e chun an t-Samhain 2011. Tha e a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth agus a' fuireach ann an Inbhir Nis.
Last on
Broadcasts
- Sun 19 Nov 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Nov 2023 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal