Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh na seachdain le Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Bha 75 bliadhna Dimàirt bho rugadh am Prionnsa Teàrlach. Bha Cathy a' bruidhinn ri feadhainn eile a rugadh ann an 1948 mun òige fhèin agus mu bhith a' fàs suas ann am Breatann sna 50an. Nam measg, bha te a rugadh dhà neo trì sheachdainnean às dèidh a' Phrionnsa, 's a màthair tàmailteach nach d' fhuair iad tiodhlac rìoghail a bha ga thoirt dhan h-uile leanabh ùr san t-Samhain 1948!

Bhàsaich Màiri Anna Trump Barry, piuthar Dhòmhnaill Trump, a bha grunn thurais ann a Leòdhas far na thogadh a màthair, aig toiseach na seachdain. Ann an 2015, thug i faisg air £160,000 do dhachaigh-cùraim Bethesda ann a Steòrnabhagh. Bha Cathy ann an còmhradh ri DR Dòmhnallach, a bha na oifigear-ionmhais aig Bethesda aig an àm, agus ris an fhear-naidheachd, Iain MacÌomhair, a choinnich rithe cuideachd.

B' e John A MacÌomhair, cèiliche na seachdain. 'S ann à Lacasaigh ann a Leòdhas a tha John A ach tha e a' fuireach ann an Tolastadh fo Thuath. Tha e air a bhith a' riochdachadh Sgìre Loch a' Tuath mar chomhairliche airson iomadh bliadhna.

Tha a' chompanaidh Volvo air innse gu bheil iad dol a sgur a reic an càr 'estate' aca ann am Breatainn. B' e càr gu math aithnichte a bh' ann fad 70 bliadhna, 's ris an canar uaireannan, ann an dibhearsan, 'wardrobe on wheels'! Fhuair Cathy facal air triùir a bha gu math dèidheil orra.

57 minutes

Last on

Sun 19 Nov 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 19 Nov 2023 12:00