
Taghadh na seachdain le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha Shona NicGillFhialain bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun gu bhith còmhla rinn gach Diluain eadar seo agus a' Nollaig, a' toirt sùil air eunlaith a' gheamhraidh. Diluain a chaidh 's e an deargan-sneachda a bh' aice.
Tha 70 bliadhna bho nochd am prògram Panorama air telebhisean an toiseach. Ga chomharrachadh dhuinn bha an neach-naidheachd, Mìcheal Bochanan, a choisinn duais bho Chomann Rìoghail Telebhisean air a' bhliadhna seo fhèin airson iris a rinn e de Phanorama. Na chois, tha Àrd-neach-deasachaidh Naidheachdan Gà idhlig a' BhBC, Iona NicRisnidh, a bha cuideachd ag obair air iris de Phanorama agus Iain Moireasdan a bha na à rd-neach-naidheachd aig a' BhBC fad fichead bliadhna.
B' e Iain MacAonghais, cèiliche na seachdain. 'S ann à Stafainn san Eilean Sgitheanach a tha Iain agus chuir e sia bliadhna seachad a' fuireach ann am Botswana far an robh e teagasg ann an sgoil ann am meadhan fà sach a' Khalahari.
Chaidh leabhar ùr mu bhaile Bhatasgeir ann an Leòdhas fhoillseachadh oidhche Haoine. Tha Vatisker Diaries air a chur ri chèile le Iain Quigley a bhuineas dhan bhaile le taic bho Chomann Eachdraidh a' Bhac. Bha triùir às a' sgìre a' còmhradh ri Cathy mu dheidhinn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 26 Nov 2023 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal