Main content
Sorry, this episode is not currently available

Slàinte - Tinneas Crohn

'S e prògram mu na tha fulang le tinneas Crohn a thagh Emma NicLaomainn às an tasglann. Emma Lamont chooses a programme from the archive to mark 100 years of Gaelic broadcasting.

San Dùbhlachd, bidh 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.

Chuala Emma NicLaomainn Slàinte ann an 2013 - sreath ghoirid far an robh Moira NicIllEathain a' togail air tinneasean eadar-dhealaichte anns gach prògram, agus a' toirt sùil mhionaideach orra le eòlaichean agus le feadhainn air a bheil neo air a robh an tinneas. Thug aon phrògram gu sònraichte stad air Emma, prògram mu dhèidhinn tinneas Crohn.

Anns a' phrògram tha Moira a' bruidhinn ri triùir: Coinneach MacNeacail agus Donnchadh Dòmhnallach air a bheil an tinneas, agus Chrisma NicDhòmhnaill a tha air leigheas ùr fhaighinn. Tha e na dheagh eisimpleir, mar a tha Emma ag innse dhuinn, dhen dòigh sa bheil rèidio air a bhith na mheadhan air iomadach cuspair a làimhseachadh ann an dòigh cumhachdach.

30 minutes

Last on

Sun 3 Dec 2023 10:00

Broadcasts

  • Mon 27 Nov 2023 15:30
  • Wed 29 Nov 2023 20:00
  • Sun 3 Dec 2023 10:00